Ceathrar air am marbhadh ann an tubaist air an A82

An A82 aig Tòrr Lunndaidh Image copyright Google
Image caption Chaidh an A82 aig Tòrr Lunndaidh a dhùnadh airson 11 uairean a thìde às dèidh na tubaist

Chaidh ceathrar a mharbhadh ann an tubaist rathaid air an A82 faisg air a' Ghearasdan.

Thachair an tubaist goirid às dèidh 17:30 feasgar Diardaoin.

Tha na poilis ag ràdh gun do bhuail dà chàr na chèile air A82 aig Tòrr Lunndaidh, dìreach an ear air a' Ghearasdan.

Chaidh na seirbheisean èiginneach chun na làraich agus chaidh aig luchd-smàlaidh air aon neach a thòirt à càr.

Fhuair an neach sin cobhair aig an làraich.

Chan eil an còrr fiosrachaidh ann mun tubaist aig an ìre seo.

Bha an A82 dùinte fad 11 uair a thìde às dèidh na tubaist.