Thèid èisteachd ri draghan phàrantan an Dùn Èideann

Sgoilearan

Dh'aontaich Comhairle Dhùn Èideann buidheann-obrach gheàrr-ùine a stèidheachadh airson èisteachd ri draghan phàrantan mu mholadh gus àrd-sgoil Ghàidhlig a stèideachadh ann an Liberton, còig mìle deas air Bun-Sgoil Taobh na Pàirce, ann an ceann a tuath a' bhaile.

Tha a' Chomhairle airson àrd-sgoiltean Gàidhlig is Beurla a thogail air an aon làraich, ach chan eil pàrantan riaraichte leis a' phlana seo 's tha iad ag iarraidh an tuilleadh sgrùdaidh.

Thuirt Briain Mac an Tàirneanaich bho Chomann nam Pàrant sa bhaile gu bheil tòrr cheistean aig pàrantan fhathast mun t-suidheachadh.

Bha e ag ràdh: "'S e co-dhùnadh cudromach a tha seo don chloinn againn agus foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns a' prìomh bhaile - tha e gu math cudromach gun tèid an co-dhùnadh ceart a dhèanamh."