Gàidhlig mar chiad roghainn ga iarraidh

Pàiste

Sgrìobh Comann nam Pàrant ann am Port Rìgh gu Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gum bu chòir gur e foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a' chiad roghainn anns a h-uile bun-sgoil san sgìre far an gabh na tha de chloinn ann am foghlam Gàidhlig àrdachadh gu 50% no barrachd de na tha san sgoil.

Tha seo an dèidh do Chomhairle nan Eilean Siar aontachadh gur ann sa Ghàidlig a gheibh clann san sgìre acasan oideachadh mura sònraich am pàrantan gur e foghlam Beurla a tha iad ag iarraidh.

Thuirt Comann nam Pàrant ann am Port Rìgh gur e atharrachadh cudromach agus samhlachadh a th' ann am poileasaidh ùr nan Eilean Siar agus gum faodadh e feum a dhèanamh ann an sgìrean eile.

Tha iad ag ràdh gun togadh e inbhe na Gàidhlig agus gum biodh sin math nuair a thig e gu planadh cànain.

A thuilleadh air an sin, bha iad ag ràdh gun dearbhadh e cho cudromach sa tha e an àireamh de sgoilearan a th' ann am foghlam to mheadhan na Gàdihlig àrdachadh, agus gum beachdaicheadh barrachd phàrantan air an cuid chloinne a chur gu foghlam Gàidhlig nam biodh am poileasaidh seo an sàs ann an sgìre na Gàidhealtachd.