Bhàsaich sreapadair ann an sgìre Thoirbheartain

Liathach Image copyright Getty Images
Image caption Tha dùil gun robh am fireannach, 37, aig mullach Liathaich nuair a thuit e.

Bhàsaich sreapadair an dèidh dha tuiteam ann an sgìre Thoirbheartain Diardaoin.

Thuirt Poileas Alba gun deach fios a chur a-mach mu dheidhinn aig 16:25.

Tha dùil gun robh am fireannach, 37 bliadhna a dh'aois, aig mullach Liathaich nuair a thuit e.

Thug buill de Sgioba Theasargainn Bheanntan Thoirbheartain taic seachad aig làrach na tubaist.