Rabhadh buidhe 'son ghèiltean is uisge trom

Rabhadh

Tha Rabhadh Buidhe an sàs airson ghèiltean is uisge trom gu oidhche Haoine le uspagan suas gu 70m.s.u. anns an iar-thuath.

Tha seo air a bhith a' toirt buaidh air goireasan siubhail le l`ionra Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn bun-os-cionn.

Tha 27 a-mach à 28 de na seirbheisean aca air atharrachadh no air an cur dheth.

Tha na Poilis anns na h-Eileanan an Iar air innse gu bheil iad gu bhith a' cumail sùil air Rathad a' Bhràighe aig làn àrd Dihaoine aig 6:15f, agus a-rithist madain Disathairne aig 06:19m.

Le frasan troma, leantainneach, tha uisge a' laighe air mòran rathaidean na dùthcha 's chaidh iarraidh air dràibhearan a bhith faicealach agus gabhail air an socair.

B' fheudar stad a chur air trèanaichean a bhith a' siubhal eadar Stevenson agus Àird Rosain le stuaghan a' tighinn tarsaing na loidhne.

Bha stèisean bhusaichean Dhùn Èideann dùinte madainn Dihaoine leis gun do thuit pìos far togalach faisg air.