Teaghlach de cheathrar air am marbhadh ann an tubaist air an A82

An A82 aig Tòrr Lunndaidh Image copyright Google
Image caption Chaidh an A82 aig Tòrr Lunndaidh a dhùnadh airson 11 uairean a thìde às dèidh na tubaist

Dhearbh Poilis Alba gur e dithis nighean bheag, agus am màthair is athair a chaidh a mharbhadh ann an tubaist air an A82 aig Tòrr Lunndaidh às dèidh 17:30f Diardaoin.

Bha aon nighean, bliadhna a dh'aois agus an tè bheag eile, trì bliadhna còmhla ri am màthair, 26 agus athair, 25.

Bha an ceathrar ann am Mini Cooper uaine.

Chaidh boireannach 56 bliadhna a dh'aois a shaoradh à Ford Fiesta dearg le luchd-smàlaidh agus chaidh a toirt dhan ospadal anns a' Ghearasdan.

Cùis fìor dhuilich

Tha i air a droch ghoirteachadh ach chaidh a ràdh nach eil i ann an cunnart bàsachadh.

Thuirt an t-Superendent Sìm Bradshaw gu bheil oifigearan sònraichte a' toirt taic dha teaghlach an ceathrar a bhàsaich.

Thug e taing dha na oifigearan poileas aige, Seirbheis Smàllaidh is Èiginn na h-Alba, gu Seiribheisean Eiridinn na h-Alba agus dha na daoine eile a thug taic, ag ràdh gun robh na bha aca ri deiligeadh ris fìor dhuilich.

"Tha an rannsachadh againn a' leantainn 's bhiodh e cearr dhomh a bhith a dèanamh tuairmeas sam bith an dràsta feuch dè dh'aobhraich an tubaist.

"Dh'iarrain air duine sam bith a chunnaic na tubaist, no aig a bheil dealbh dashcam, fònadh thugainn air 101.

Rathad dùinte

Chaidh an rathad a dhùnadh airson 11 uairean a thìde às dèidh na tubaiste.

Thuirt An Comh Anndra Baxter gu bheil a h-uile duine ann an Loch Abar a' cuimhneachadh air an fheadhainn air an tug an tubaist seo buaidh agus ag ùrnaigh air an son.

"S e naidheachd uamhasach a tha seo do theaghlach agus caraidean an fheadhainn a bhàsaich anns an tubaist seo.

"Tha mi a' faicinn mòran bròin air na meadhanan-sòisealta."