Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An Gearran 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tòrr Lunndaidh

Chaidh dithis nigheanan beaga, 3 bliadhna agus bliadhna de dh'aois, is fireannach is boireannach òg a mharbhadh ann an tubaist-rathaid beagan tuath air a' Ghearasdan. Bha an ceathrar ann an càr Mini Couper san tubaist air an A82 aig Tòrr Lunndaidh goirid an dèidh 5:30f an-dè. Thuirt na Poilis gun robh am boireannach a chaill a beatha 26 bliadhna de dh'aois, agus am fireannach 25. Thug an luchd-smàlaidh boireannach a tha 56 a-mach às a' chàr eile, 's chaidh ise a thoirt chun an ospadail sa Ghearasdan, 's ged a chaidh a droch leòn chan eil i ann an cunnart a beatha. Bha an rathad dùinte airson còrr is 10 uair de thìde, 's tha poilis ag iarraidh fiosrachaidh bho dhuine sam bith a chunnaic na thachair.

Torraidhean Foghlaim

Tha na pàrtaidhean eile a' càineadh mar a dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba aithisg air foghlam sna h-àrd-sgoiltean. Chaidh na figearan a chur air làrach-lìn an Riaghaltais an-raoir, an dèidh iarrtais fo Achd Saorsa an Fhiosrachaidh. Tha an aithisg ag ràdh gun robh lùghdachadh mòr ann an 2019 san àireamh chloinne a fhuair tro dheuchainn aig àrd-ìre. Thuirt Tòraidhean na h-Alba gu bheil e follaiseach gu bheil trioblaidean mòra ann am foghlam, agus gun do dh'fheuch an Riaghaltas ri sin a chur am falach. Chaidh Rùnaire an Fhoghlaim, John Swinney, às àicheadh sin an-diugh.

Corona-Bhìoras

Tha luchd-turais Breatannach a tha glacte ann an Iapan le buaidh a' Chorona-Bhìorais, a' gearain air cho fada 's a tha e a' toirt do dh'Oifis nan Dùthchannan Cèine an tilleadh dhachaigh. Chaidh maill eile dha a-nochd air a' phlèana a bhios a' toirt dhachaigh a Bheatainn luchd-siubhail a bh' air an t-soitheach, an Diamond Princess.

Foghlam Gàidhlig

Sgrìobh Comann nam Pàrant ann am Port Rìgh gu Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gur e foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a' chiad roghainn a bu chòir a bhith anns a h-uile bun-sgoil san sgìre far an gabhadh àireamh nan sgoilearan Gàidhlig àrdachadh gu leth, no còrr is leth, àireamh na sgoile gu lèir. Tha seo an dèidh do Chomhairle nan Eilean Siar gabhail ri poileasaidh gur e oideachadh Gàidhlig a bhios ann mura tèid foghlam Beurla iarraidh.