Teaghlach a bhàsaich ann an tubaist-rathaid ga ainmeachadh

  • Air fhoillseachadh
Peyton, Heidi, Rhys & Gemma CousinTùs an deilbh, Poileas Alba
Fo-thiotal an deilbh,
Thachair an tubaist air an A82 aig Tòrr Lunndaidh

Dh'ainmich Poileas Alba an cupal a bhàsaich ann an tubaist air an A82 Diardaoin, còmhla ris an dithis leanabh aca.

B' iad Gemma Cousin, 26, an duine aice Rhys, 25, agus an dithis nighean aca, Peyton a bha 3 agus Heidi a bha bliadhna de dh'aois.

Bha iad a' fuireach ann an sgìre Inbhir Nis.

Thachair an tubaist air an A82 aig Tòrr Lunndaidh às dèidh 17:30f Diardaoin nuair a chaidh an càr Mini Copper aca agus càr Ford Fiesta na chèile.

"Cridhe-briste"

Ann am brath-naidheachd a sgaoil Poileas Alba, thuirt an dà theaghlach gun robh iad le cridhe briste às dèidh na tubaiste.

Thuirt iad gun robh an dithis ag obair gu cruaidh gus dachaigh sàbhailte, làn gràidh, a thoirt dhan dithis nighean aca.

Thugar taing cuideachd dhan na seirbheisean èiginn, agus na chuidich air oidhche na tubaiste.

Dh'iarr na Poilis air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh mun tubaist, agus ris nach do bhruidhinn iad fhathast, brath a chur thuca air an àireamh-fon 101.