Fireannach air bàsachadh ann an tubaist le carbad quad

Làrach na tubaiste Image copyright Andrew Smith
Image caption Thachair an tubaist feasgar Dihaoine

Dhearbh Poileas Alba gu bheil fireannach air bàsachadh an dèidh tubaist le quadbike air rathad dùthchail air a' Ghàidhealtachd.

B' e Adam Reid, a bha 18.

Thachair an tubaist air Bràigh Dhochartaidh faisg air Taigh-Staile Ghleann Uais ann an Inbhir Pheofharain mu 14:45f Dihaoine.

Chaidh na seirbheisean èiginn a ghairm ach bhàsaich Mgr Reid aig làrach na tubaiste.

Bha an rathad dùinte gu 19:50f fhad 's a bha na Poilis a' rannsachadh na thachair.