Tubaist rathaid ann am Moireibh

Poileas

Chaidh nighean, naoi bliadhna a dh' aois, a sgèith dhan ospadal an dèidh tubaist rathaid ann am Moireibh.

Thachair e air an A941 eadar Creag Ealachaidh agus Baile nan Dubhach mu 17:30 Là na Sàbaid.

Chaidh triùir eile a ghoirteachadh, ach chan eil dùil ann gu bheil iad ann an cunnart am beatha.

Bha an rathad dùinte fad grunn uairean a thìde.