Teine mòr aig Bun-sgoil ann an Inbhir Ghòrdain

Teine aig Bun-sgoil na Pàirce Image copyright Andrew Smith
Image caption Tha smàladairean air a bhith a' dèiligeadh ri teine mòr aig Bun-sgoil na Pàirce

Chaidh a' chlann agus an luchd-obrach gu lèir a thoirt a-mach à bun-sgoil air a' Ghàidhealtachd às dèidh do theine sgapadh innte.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun d' fhuair a h-uile duine a bh' ann am Bun-sgoil na Pàirce a-mach gu sàbhailte.

Thuirt an t-seirbheis smàlaidh gun robh an teine air sgapadh gu dona.

Chuir iad seachd carbadan chun na sgoile.

Image caption Chaidh seachd carbadan-smàlaidh a chur chun na làraich.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginneach mu 10:00.

Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd gun tèid àite eadar-amail a chur air dòigh dha na sgoilearan ann an Acadamaidh Inbhir Ghòrdain.

Bidh sin ann ro dheireadh na seachdain.

Rinn Ceannard na Comhairle, Mairead Davidson, moladh air mar a dhèilig luchd-obrach na sgoile ris an teine agus thuirt i gu bheil e na fhaochadh dhaibh gu bheil a h-uile duine sàbhailte.

Tha an t-ùghdarras ionadail cuideachd ag ràdh gur dòcha gur e coimpiutair-uchd a dh'adhbharaich an teine, ach nach deach sin a dhearbhadh fhathast.

San eadar-ama, tha iad ag iarraidh air luchd-obrach gun seann choimpiutairean-uchd a chleachdadh.