Taghadh Chupa a' Bhaile Mhòir

An taghadh Image copyright Iain Ferguson
Image caption Arran Mac a' Phì bho sgioba a' Ghearasdain, còmhla ri Ceann-suidhe Chomann na Camanachd, Keith Loades, agus Tom Uppington is Rosie Flannigan bho Alvance, a tha a' cumail taic ris an fharpais.

Tha dàrbaidh eadar Loch Carran is Camanachd an Eilein Sgitheanaich am measg nan geamaichean a thàinig às an ad sa chiad chuairt de Chupa a' Bhaile Mhòir.

Rinneadh an taghadh Diluain aig Àrd-sgoil Loch Abair.

Bidh a' chiad chuairt ann Disathairne an 11mh den Ghiblean.

Tha an taghadh mar a leanas:

Cupa a' Bhaile Mhòir - A' Chiad Chuairt

A' Mhanachainn - Tatha For

Loch Carran - Camanachd an Eilein Sgitheanaich

Inbhir Nis - Gleann Urchadain

Celtic an Òbain - An Caol Ghleann

Inbhir Aora - Gleann Garradh

Taigh an Uillt - Loch Abar

Baile a' Chaolais - Srath Ghlais

Obar Dobhair - Eilean Bhòid