Wooden Dementia
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Moladh air pròiseact dementia

24 An Gearran 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha pròiseact air a' Ghàidhealtachd airson cothrom a thoirt do dhaoine le dementia faighinn a-mach dhan bhlàr a-muigh air moladh mòr fhaighinn bho charthannas nàiseanta a chumas taic ri daoine ciorramach.

Tha a' bhuidheann aig Coille Coimhearsnachd Baile Eòghainn cuideachd air barrachd maoineachaidh fhaighinn airson prògram ùr a bhios a' brosnachadh slàinte-inntinn am measg dhaoine a bhios an sàs sa phròiseact.

Tòisichidh am prògram ùr airson daoine le dementia agus an cuid theaghlaichean air an ath-mhìos.

Tha Nicole Webber ag aithris.