CNES a' coimhead ri àrdachadh sa chìs chomhairle

Airgead Image copyright PA Media

Beachdaichidh comhairlichean anns na h-Eileanan Siar air moladh gus a' chìs chomhairle a chur an-àirde faisg air 5%.

Dh'fhàgadh sin àrdachadh de bheagan agus not san t-seachdain do mu thrì chairteal de dhachaighean.

Bidh a' chomhairle a' stèidheachadh a' bhuidseit aca an t-seachdain seo.

Feumaidh iad sàbhalaidhean luach £2.6m a dhèanamh - ach fiù 's ma dh'aontaicheas iad a' chìs chomhairle a chur suas, bidh aca ri £1.6m de na th'aca air a chur mu seach a chosg airson na leabhraichean a chothromachadh.