Conaltradh mu chasg air fònaichean-làimhe sa sgoil

Sgoilearan Image copyright Getty Images

Cho-dhùin Comataidh Foghlaim Chomhairle nan Eilean Siar Dimàirt gum bu chòir conaltradh a dhèanamh ri pàrantan agus luchd-teagaisg mu dheidhinn casg a chur air fònaichean-làimhe a bhith aig clann anns an sgoil.

Tha diofar mholaidhean ann, nam measg gum biodh fònaichean-làimhe toirmisgte anns na sgoiltean, ach a-mhàin le cead tidsear, agus gum bu chòir dhaibh a bhith fo ghlais ma tha iad gu bhith aig clann san sgoil.

Tha roinn an fhoghlaim ag ràdh gu bheil dearbhadh ann gu bheil casg mar seo air feum a dhèanamh ann an àitichean eile.

Thuirt Ceannard Seirbheis Roinn an Fhoghlaim, Uilleam Dòmhnallach: "Tha beagan ghnothaichean air a bhith a' tachairt anns na sgoiltean againn bho chionn bliadhna no dhà far a bheil beag chuid dhen òigridh, tha mi a' smaoineachadh, a' cleachdadh nam fònaichean aca ann an dòigh nach eil iomchaidh tha mi a' smaoineachadh - gu h-àraid nuair a tha iad a-mach às a' chlas, tha iad a' fiolmadh a chèile agus uaireannan ga chur suas air na meadhanan-sòisealta agus chan eil sin na chuideachadh agus tha e ceàrr cuideachd a thaobh prìobhaideachd cuid chloinne eile.

"Tha iad a' dèanamh milleadh air an dòigh a tha fònaichean gan cleachdadh - 's e sin aonan dhe na prìomh adhbharan - uaireannan anns na clasaichean cuideachd, tha iad a' togail dhealbh gun fhiosta do dhaoine eile."