Dùil gur e coimpiutair-uchd a dh'adhbharaich teine

Teine aig Bun-sgoil na Pàirce Image copyright Andrew Smith
Image caption Rinn teine sgrios aig Bun-sgoil na Pàirce ann an Inbhir Ghòrdain Diluain

Tha dùil gum faigh pàrantan ann an Inbhir Ghòrdain fiosrachadh Dimàirt air mar a tha Comhairle na Gàidhealtachd am beachd dèiligeadh ri foghlam sa bhaile is teine air sgrios a dhèanamh air Bunsgoil na Pàirce.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gur dòcha gur e coimpiutair-uchd a dh'adhbharaich an teine, ach cha deach sin a dhearbhadh fhathast is rannsachadh a' leantainn.

San eadar-ama, tha iad ag iarraidh air luchd-obrach gun seann choimpiutairean-uchd a chleachdadh.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn mu 10:00 Diluain gun robh teine aig Bunsgoil na Pàirce ann an Inbhir Ghòrdain.

Theich a h-uile duine, còrr is dà cheud pàiste, agus an luchd-obrach, gu sàbhailte, ach chaidh togalach na sgoile a sgrios.

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gun tèid àite a chur air dòigh dha na sgoilearan gu h-eadar-amail ann an Acadamaidh Inbhir Ghòrdain.

Dimàirt, gheibh pàrantan barrachd fiosrachaidh bho Àrd Stiùiriche Chomhairle na Gàidhealtachd, Donna Manson, is i gus a bhith ann an Inbhir Ghòrdain airson bruidhinn mun t-slighe air adhart.