Leanaidh seirbheis bhusaichean CNES feasgar gu toiseach an t-samhraidh

  • Air fhoillseachadh
Comhairle nan Eilean Siar

Dh'aontaich comhairlichean anns na h-Eileanan Siar gun lean seirbheisean busaichean ann an Leòdhas agus na Hearadh às dèidh sia uairean feasgar gu co-dhiù meadhan na bliadhna.

Bha moladh ann na seirbheisean a ghearradh ann an cuid de sgìrean sa Ghiblean airson airgead a chùmhnadh, is gun mòran gan cleachdadh.

Ach cha tachair sin gun rannsachadh a bharrachd agus comhairlichean air Comataidh na Còmhdhail a' gabhail ri athasig air a' chuspair Diciadain.

B' iad seirbheisean an Taobh Siar, an Loch a Tuath, an Rubha agus Ùige a bh' ann an cunnart.

Cho-dhùin an t-ùghdarras roimhe rannsachadh a dhèanamh a thaobh maoineachadh a thoirt do bhuidhnean coimhearsnachd feuch am faigheadh iad air seirbheisean busaichean a ruith iad fhèin.

Tha oifigearan cuideach air moladh prìsean nan ticeadan a chur suas.