Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 An Gearran 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Corònabhìoras

Dh'atharraich an Riaghaltas a' chomhairle a tha iad a' toirt air daoine a' tilleadh a Bhreatainn à ceann a tuath na h-Eadailte, far a bheil an sgapadh as miosa dhen chorònabhìoras anns an Roinn Eòrpa. Tha grunn bhailtean fo qhuarantine an sin, 's thathas a-nis ag iarraidh air daoine a bh' annta fuireach nan dachaighean fhèin nuair a thilleas iad a Bhreatainn agus daoine eile a sheachnadh fad chealla-deug. Tha sin eadar a bheil an galar orra no nach eil. Do dhaoine a thilleas à sgìrean tuath air Pìosa, chan eil aca ri fuireach bho chàch ach ma tha iad a' faireachdainn tinn. Ann an Tenerife, tha taigh-òsta - le mìle luchd-turais - ann an quarantine an dèidh dhan bhìoras tighinn air dotair às an Eadailt a tha a' fuireach ann.

Còmhraidhean malairt

Tha ministearan à dùthchannan an Aonaidh Eòrpaich a' cruinneachadh anns a' Bhruiseal a dh'aontachadh an t-seasamh a bhios aca anns na còmhraidhean malairt le Breatainn às dèidh Brexit. Tha an dà chuid Riaghaltas na h-Òlaind agus Riaghaltas na h-Èireann air a ràdh an-diugh gum bi e doirbh aonta a ruighinn le Breatainn. Bidh caibineat na Rìoghachd Aonaichte a' bruidhinn an-diugh cuideachd air an t-seasamh a ghabhas iad fhèin anns na còmhraidhean. Thèid sin a chur air beulaibh na Pàrlamaid Diardaoin.

Buaidh Bhrexit air a' Ghàidhealtachd

Feumar dòighean ùra fhaighinn air luchd-obrach a thàladh chun na Gàidhealtachd 's dha na h-Eileanan às dèidh Brexit, a rèir luchd-gnothaich na sgìre. Thuirt meur na Gàidhealtachd de Chaidreachas nan Gnìomhachasan Beaga gum bi e bunaiteach do mhath eaconomaigeach na sgìre daoine a thàladh a thèid an àite feadhainn à dùthchannan an Aonaidh Eòrpaich. Bha iad a' bruidhinn às dèidh do rannsachadh ùr bho Chaidreachas nan Gnìomhachasan Beaga ann an Alba nochdadh gun robh e mar-thà nas doirbhe do ghnìomhachasan na daoine ceart a lorg.

Fònaichean-làimhe

Beachdachaidh comhairlichean anns na h-Eileanan Siar an-diugh air am bu chòir sgoilearan a chasg bho bhith a' toirt fònaichean-làimhe dhan sgoil. Tha roinn an fhoghlaim ag ràdh gu bheil dearbhadh à sgìrean eile gu bheil casg dhen t-seòrsa a' dèanamh feum.

Seirbheisean bus sna h-Eileanan Siar

Tha a h-uile coltas a-nise nach sguir seirbheisean bus ann an Leòdhas agus na Hearadh, às dèidh sia uairean a dh'oidhche, anns a' Ghiblean - mar a bha dùil aig Comhairle nan Eilean Siar. Bha iad an dùil an gearradh airson airgead a chaomhnadh, ach tha coltas a-nise gun aontaich comhairlichean air comataidh na còmhdhail a-màireach nach tachair sin gu co-dhiù meadhan na bliadhna, oir tha iad a' dol a dheanamh tuilleadh rannsachaidh air a' chùis.