"Staid èiginn" an seirbheis chùraim nan Eilean Siar a-rèir comhairliche

CNES

Tha seirbheis chùraim nan Eilean Siar ann an staid èiginneach a-rèir aon de chomhairlichean na sgìre.

Tha an Comh. Aonghas Moireasdan na chathraiche air Comataidh Sgrùdaidh na Comhairle.

Tha 150 dreuchd bàn san t-seirbheis an-dràsta.

Chuala buill Comataidh nan Coimhearsnachdan san Taigheadais aig CnES gu robh e a' fàilleachdainn air oifigich luchd-cùraim fhastadh.

Chuala iad cuideachd gu bheil an luchd-cùraim a th'ann dìreach air an glùinnean agus iad a' feuchainn ri obair a bharrachd a dhèanamh.

Tha dragh air Mgr Moireasdan gu bheil tòrr dhe na tha ag obair san roinn an-dràsta faisg air aois na dreuchdan aca a leigeil dhiubh agus nach eil duine eile a' tighinn am bàrr airson na h-obraichean sin a lìonadh.

Thuirt e gun robh e tàmailteach gu bheil cuid anns na h-Eileanan a' fuiling ri linn 's nach eil gu leòr luchd-cùraim ann airson coimhead às an dèidh.

Tha iomagain air Mgr Moireasdan gu bheil an suidheachadh fìor èiginneach.