Litir mun chorònabhìoras gu pàrantan air Ghàidhealtachd

Coronovirus Image copyright Science Photo Library

Chuir Comhairle na Gàidhealtachd litir gu pàrantan chloinne a th' aig Acadamaidh Chùil Lodair ann an Inbhir Nis a th'air tilleadh à ceann a' tuath na h-Eadailte far an robh iad air turas sgoile.

Bha na sgoilearan a' sgìtheadh faisg air aon de na sgìrean a tha an-dràsta fo chuarantain air sàilleabh a' chorònabhìorais.

Ach bha iad a' fuireach taobh a-muigh sgìre Lombardi far a bheil bailtean an sin a-nise fo chuarantain.

Tha an NHS ag ràdh nach eil cunnart mòr ann gun tig am bhìoras air duine sam bith a bh'air falbh.

Chaidh moladh do phàrantan comhairle mhedigeach fhaotainn ma nochdas comharran sam bith den tinneas - leithid casadaich, fiabhras neo giorrad analach.

Tha iad a' moladh do dhuine sam bith fuireach a-staigh ma nochdas comharran sam bith thairis air a' chola-deug a th'air thoiseach.

Chan eil fianais sam bith ann aig an ìre seo gu bheil gin de na sgoilearan a' fulang leis a' ghalar.