Airgead dìolaidh do sgoilearan Inbhir Ghòrdain

Park Primary
Image caption Bha còrr air 50 smàladair a' strì leis an teine.

Gheibh sgoilearan air an tug droch theine aig bun-sgoil ann an Inbhir Ghòrdain buaidh, airgead dìolaidh agus thèid comhairleachadh sònraichte a thabhann orra.

Chaidh Bun-sgoil na Pàirce anns a' bhaile a mhilleadh gu dona ann an teine susbainteach Diluain.

Tillidh sgoilearan gu clasaichean Diardaoin agus seòmraichean air an cur air dòigh dhaibh ann an àrd-sgoil a' bhaile.

Aig coinneamh le pàrantan oidhche Mhàirt, thuirt àrd-oifigear Chomhairle na Gàidhealtachd, Donna Manson, gun cuidicheadh iad ann a bhith a' ceannach stuth ùr an àite na chaillear san teine.

Tha obair a' dol air adhart a' coimhead air na diofar roghainnean a th'ann a-nise airson a dhol an àite Bun-sgoil na Pàirce.

Tha 176 sgoilear san sgoil agus 32 anns an sgoil-àraich.