Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An Gearran 2020 Ùraichte aig Ùraichte aig

Corònabhìoras

Thèid deuchainnean airson corònabhìoras a mheudachadh san Rìoghachd Aonaichte, le sgrùdadh ga dhèanamh air còrr 's deich ospadalan agus timcheall air ceud ionad GP air neach sam bith a nochdas a-steach agus iad a' gearan gu bheil iad a' fulang leis an flù. Tha oifigich slàinte ag ràdh gun cuidich seo iad ann a bhi ag aithneachadh am bheil am bhìoras a' sgapadh. Tha co-dhiù ochd sgoiltean dùinte ann an Sasainn agus trì ann an Èirinn a Tuath, às dèidh do chlann agus luchd-teagaisg tilleadh air ais bho chuairtean ann an ceann a tuath na h-Eadailte far a bheil corònabhìoras air còrr is trì cheud neach a ghànrachadh.

Staing dhrugaichean

Bidh timcheall air trì cheud gu leth an làthair aig co-labhairt ann an Glaschu an-diugh a dheasbad dè a ghabhas a dhèanamh mu na tha de dhaoine a' faighinn bàs tro dhrugaichean ann an Alba. Tha an tachartas ga chur air chois le Riaghaltas na h-Alba agus Comhairle Baile Ghlaschu, agus tha e a' tighinn air thoiseach air àrd choinneamh mu dhrugaichean a chumas Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte sa bhaile a-màireach.

Rèidean dhrugaichean

Tha aon duine à Alba am measg faisg air leth cheud neach a chaidh a chur an grèim mar phàirt de dh'iomairt poilis an aghaidh ghràisgean dhrugaichean san Rìoghachd Aonaichte. Thuirt poilis ann an Liverpool gun deach luchdan de dhrugaichean a chur an greim leotha, agus gu bheil còignear dhaoine òga a-nis fo chùram na stàite.

Astaran siubhail

Thuit an àireamh de dh'astaran a chaidh a ghabhail air seirbheisean còmhdhail poblach na h-Alba air a' bhliadhna a dh'fhalbh. Tha àireamhan ùra a' sealltainn ìsleachadh do dheich sa cheud ann an astaran bhusaichean thairis air còig bliadhna - le na h-àireamhan de luchd-siubhail a bha a' cleachdadh sheirbheisean Scotrail a' dol an àirde trì deug sa cheud. Tha còrr is trì millean carbad a-nis air rathaidean na h-Alba, an àireamh as àirde a-riamh.

Weir

Thuirt a' chompanaidh einnseinearaidh, Weir, gu bheil iad a' gluasad air falbh bho ola agus gas 's iad gu bhith ag amas air mèinnearachd. Tha a' chompanaidh, a tha stèidhichte ann an Glaschu, ag ràdh gun e duilgheadasan sna Stàitean Aonaichte a bu choireach gun do dh'fhulaing iad call ro chìsean de thrì cheud, trì fichead sa dhà dheug millean not an uiridh.

Am Prionnsa Harry

Thug am Prionnsa Harry rabhadh do cho-labhairt turasachd ann an Dùn Èideann gu bheil am fàs ann an turasachd a' cur cuid de na h-àiteachan as àlainn air an t-saoghal ann an cunnart. A' bruidhinn aig fear de na tachartasan oifigeil mu dheireadh aige mar bhall rìoghail, thuirt am Prionnsa gun robh coimhearsnachdan a' cur thairis leis na bha de luchd-turais a' tighinn dha na sgìrean aca.

Asda

Dh'fhoillsich a' chompanaidh bhùthan, Asda, gu bheil iad a' gearradh nam prìsean connaidh aca mar thoradh air ìsleachadh sa mhòr-phrìs airson peatrail agus diesel. Thuirt a' chompanaidh gu bheil iad air dà sgillinn a thoirt far phrìsean aig na stèiseanan connaidh aca.