Sreapadair a dhìth an Loch Abar

  • Air fhoillseachadh
Anndra Vine
Fo-thiotal an deilbh,
Chunnacas Anndra Vine mu dheireadh Dihaoine.

Tha droch aimsir a' bualadh air iomairt gus lorg fhaighinn air fear a tha a dhìth às dèidh maoim-sneachda ann an Loch Abar.

Tha luchd-teasairginn air stad a chur air an iomairt ri linn na h-aimsire.

Bha Anndra Vine, 41, a' sreap le neach eile air Aonach Mòr nuair a thachair maoim-sneachda mu 1f Dihaoine.

Bha an neach eile air a goirteachadh gu dona, ach chaidh aice air faighinn gu Raon Nibheis gus cobhair iarraidh.

Doirbh

Bha sgiobaidhean-teasairginn nam beann à Loch Abar, Gleann Comhann is a' Chàrn Ghorm uile an sàs ann an iomairt aig an deireadh-sheachdain gus Mgr Vine, a bhoineas do sgìre Mhanchester, a lorg.

Fhuair iad taic bho heileacoptairean nam maor-cladaich à Inbhir Nis is Steòrnabhagh.

Thuirt sgioba Loch Abair gur e iomairt dhoirbh a tha air a bhith ann is an cunnart bho mhaoimean-sneachda fhathast aig ìre àrd.