Droch aimsir air bualadh air an iomain

  • Air fhoillseachadh
Droch aimsir

Rinn an aimsir sgrios air toiseach seusan iomain nam ban is gun ach dà gheama a' dol air adhart.

Chaidh an geama eadar dàrna sgioba an Eilein Sgitheanaich agus sgioba Inbhir Nis a ghluasad bho Phàirc nan Laoch chun na pàirc plastaig aig Àrd-sgoil Phort Rìgh.

Bha sgioba a' bhaile cus ro mhath dha na h-eileanaich òga is iad a' soirbheachadh 8-0.

Bha geama air leth aig Ceitidh NicMhaoilein is i a' cur sia tadhail. Thàinig a dhà eile bho Amber NicAoidh.

Chaidh a h-uile geama eile ann an Lìog Tuath 2 a chur dheth.

Duilgheadas

Cha robh ach aona gheama cuideachd ann an Lìog Deas 2.

Rinn an t-Òban a' chùis air Eilean Bhòid 7-4 sa gheama sin is Shelley NicCuthais le ceithir tadhail.

Cha b'urrainn do Chomhghall is Bòd sgioba fhaighinn is mar sin fhuair Tatha For na puingean.

Chaidh na geamaichean eile a chur dheth, a' chiad gheama a bha gu bhith aig Uddingston nam measg.

Bithear an dòchas gum bi an aimsir nas fheàrr air an deireadh-sheachdain seo tighinn is Sgiath na Lìge Nàiseanta gu bhith ann is tuilleadh gheamaichean ann an Lìog Tuath 2 is Lìog Deas 2, cho math ri toiseach seusan nam fear.