Clach a' dol dhachaigh

  • Air fhoillseachadh
TeineTùs an deilbh, Andrew Smith
Fo-thiotal an deilbh,
Rinn teine sgrios aig Sràid nan Granndach.

Dh'innis Clach na Cùdainn gun till iad dhachaigh gu Pàirc Shràid nan Granndach oidhche Chiadain nuair a thig Formartine United a thadhal orra ann an Lìog na Gàidhealtachd.

Rinn teine dìreach ron Nollaig sgrios air goireasan a' chluba aig Sràid nan Granndach.

Cha do chluich iad air a' phàirc aca fhèin bhon uairsin. Chaidh dà gheama air adhart aig dachaigh Chluba Rugbaidh na Gàidhealtachd, Pàirc a' Chanàil, is chaidh geama eile a chur dheth.

Adhartas

Tha obair air a bhith a' leantainn air goireasan eadar-amail aig Sràid nan Granndach, is tha Clach a-nise air dearbhadh gum bi iad air ais ann am Marc-Innis oidhche Chiadain an aghaidh Formartine.

Thuirt Clach gu bheil iad air an dòigh a bhith a' tilleadh dhachaigh is thug iad taing dhan a h-uile duine a chuidich iad.

Dh'iarr iad air daoine tighinn a-mach oidhche Chiadain gus fàilte a chur air Sandy MacLeòid agus an sgioba.

Tòisichidh an geama aig 8f.