Taic às ùr do thuathan-gaoithe air tìr

  • Air fhoillseachadh
Tuathan-gaoithe

Dhearbh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gun cuir iad taic às ùr ri tuathan-gaoithe air tìr.

Bha an Riaghaltas air innse ann an 2016 nach biodh taic ann tuilleadh do phròiseactan ùra air tìr, is iad a' cumail a-mach nach robh feum air an leithid.

Bha gearanan air a bhith ann cuideachd mun bhuaidh aig tuathan-gaoithe air seallaidhean tìre.

Lean taic do sgeamaichean aig muir.

Bha connspaid gu leòr ann mun cho-dhùnadh is feadhainn sa ghnìomhachas ag ràdh gun deach cron a dhèanamh air an roinn.

Tha an Riaghaltas a-nis ag ràdh gum bi taic ann a-rithist do sgeamaichean-gaoithe air tìr agus sgeamaichean na grèine, is gum bi cothrom aig pròiseactan tagradh a dhèanamh airson shubsadaidhean san ath-phàirt de sgeama Contracts for Difference (CfD).

Bidh sin ann an ath-bhliadhna.

Tha uallach air an Riaghaltas targaidean a choileanadh a thaobh eimiseanan a ghearradh.

Fàilte

Chuir Scottish Power fàilte air an naidheachd is iad ag ràdh gu bheil an t-uabhas phròiseactan ann an Alba a tha deiseil 'son a dhol air adhart ma gheibh iad taic.

Nochd eòlaiche air gnìomhachas a' chumhachd anns na h-Eileanan Siar ceist ge-tà.

Ged a tha e a' cur fàilte air an naidheachd, thuirt Murchadh Moireach gur dòcha gum bi e nas dorra do sgeamaichean eileanach taic an Riaghaltais fhaighinn is farpais mhòr ann airson shubsadaidhean.

"Bha iad air gearradh sìos air na bha a' tachairt a chionn 's gun robh tòrr a bharrachd a' dol gu muir", thuirt Mgr Moireach.

"Bheir seo cothrom a bharrachd agus san fharsaingeachd 's e rud math a th' ann.

"'S e an duilgheadas tha mi a' faicinn a-nise gu bheil e a' dol ga dhèanamh nas dorra dha tuathan-gaoithe eileanach.

"Tha cosgaisean a bharrachd a thaobh nan eilean agus dh'fhaodadh seo a dhèanamh nas dorra dhaibhsan air sgàth 's gum bi tòrr a bharrachd a' dol às dèidh an airgid", thuirt e.

Thuirt Mgr Moireach gum bu chòir iomairt shònraichte a bhith ann gus am faigh pròiseactan cumhachd eileanach agus pròiseactan cumhachd coimhearsnachd anns an fharsaingeachd taic shònraichte bhon Riaghaltas.