Tuathanas-èisg an Uibhist ga dhiùltadh

  • Air fhoillseachadh
IasgachTùs an deilbh, PA Media

Dhiùlt comhairlichean sna h-Eileanan Siar cead a thoirt do thuathanas-èisg ùr far chosta Uibhist a Deas.

Choinnich buill de chomataidh dealbhachaidh na comhairle feasgar Dimàirt.

B' e a' chompanaidh Scottish Salmon a bha air na planaichean a chur air adhart airson an leasachaidh faisg air Ùisinis air taobh sear Uibhist a Deas, eadar Rubha Heallacro agus Rubha Roiseal.

Bha an làrach gu bhith mu 1.4 heactair.

Chuir an dà chuid Marine Scotland Science agus a' chompanaidh MOWI an aghaidh nam planaichean.

Bha iad ag ràdh nach bu chòir dha a dhol air adhart ri linn is gu bheil tuathanasan-èisg eile ro fhaisg, is iad ag ràdh gum biodh cunnart ann gun sgapadh galairean.

Chuir Comann Iasgairean nan Eilean Siar an aghaidh nam planaichean cuideachd.

Bha iad ag ràdh gum faodadh an làrach a tha seo bacadh a chur air feadhainn a tha ag iasgach 'son ghiomach is chrùbagan, is gum faodadh an leasachadh cur às do thrì bàtaichean.

Bha dragh orra cuideachd gum faodadh an leasachadh droch bhuaidh a thoirt air sgadan.

Dh'innis Scottish Salmon gun do sheall rannsachadh neo-eisimeileach air an làraich nach eil cunnart sam bith ann a thaobh ghalairean a bhith a' sgaoileadh ri linn cho faisg 's a bhiodh an leasachadh air tuathanasan-èisg eile.

Bha iad cuideachd ag ràdh gu bheil Comhairle nan Eilean Siar air cead a thoirt do làraich eile ann an suidheachaidhean mar seo roimhe.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh