Taighean ùra an Caolas Ulbha

  • Air fhoillseachadh
Caolas UlbhaTùs an deilbh, Gordon Hatton / Geograph

Thèid còrr is £700,000 a thoirt seachad gus taighean ùra a thogail an Caolas Ulbha am Muile.

'S ann bho Stòras an Riaghaltais airson Taigheadais ann an Sgìrean Dùthchail is Eileanach a tha an t-airgead a' tighinn.

Thèid ceithir taighean a thogail air fearann leis a' choimhearsnachd is bidh iad rim faighinn air màl aig prìs reusanta.

Fàs

Thèid dà thaigh a thogail ann an Osgamul agus a dhà eile ann an Acharonich.

Chaidh dà thaigh a thogail mar-thà ann an Caolas Ulbha fon sgeama seo ann an 2017.

Rinn Ministear an Taigheadais, Caoimhin Stiùbhart, moladh air Urras Coimhearsnachd Mhuile is Eilean Ì airson na rinn iad gus am pròiseact a thoirt chun na h-ìre seo.

Thuirt e gu bheilear an dòchas gun cuidich na taighean ùra le fàs eaconomach is gun cuir àrdachadh sluaigh dìon air an sgoil ionadail.