"Barrachd airgid" a dhìth a thaobh atharrachadh na gnàth-shìde.

  • Air fhoillseachadh
CaoraichTùs an deilbh, Getty Images

Feumaidh tuathanaich na milleanan notaichean a bharrachd gus an cuideachadh ann a bhith a' dèiligeadh ri atharrachadh na gnàth-shìde, a rèir Aonadh nan Tuathanach an Alba.

Dh'iarr NFU na h-Alba maoineachadh de £100m a bharrachd bho Riaghaltas na h-Alba gach bliadhna.

Dheadh an t-airgead a chleachdadh gus tuathanaich a bhrosnachadh craobhan a chur, airgead a chur an sàs ann an cumhachd ath-nuadhachail, agus sgeamaichean a chruthachadh 'son gasaichean carbon a lùghdachadh.

Thuirt an t-aonadh gum bi tuathanaich gu math cudromach ann a bhith a' coileanadh amas eimiseanan a chothromachadh ron bhliadhna 2045.

Ach thuirt iad gum biodh e gu math dona dhan roinn nam biodh aca ri airgead a th' aca mar-tha a chleachdadh.

Bhiodh am maoineachadh a thuilleadh air na subsaidaidhean a tha iad a' faighinn an-dràsta.

Taic

Dh'ainmich ministearan air a' mhìos seo chaidh £40m airson "Prògram Cruth-atharrachaidh an Àiteachais" gus taic a thoirt do thuathanaich nas lugha de charbon a chleachdadh.

"Tha sinn dhen bheachd gu bheil deagh chothrom aig prògram ùr an Riaghaltais amasan air an àrainneachd agus atharrachadh na gnàth-shìde a choileanadh, ach gu bheil tòrr a bharrachd air £40m a dhìth airson a thoirt gu buil", thuirt Ceann-suidhe NFU na h-Alba, Anndra McCornick.

"Feumar tuathanaich agus croitearan a bhrosnachadh rudan a dhèanamh ann an dòigh eadar-dhealaichte, a' coimhead gu sònraichte air mar tha iad a' dèiligeadh ri ùir, cosgaisean agus gasaichean carbon a lùghdachadh.

"Tha e deatamach gum bi tòrr a bharrachd ann an gnìomhachas àiteachas na h-Alba an lùib an leithid agus gum bi an taic a tha a dhìth orra air a toirt dhaibh," thuirt e.