Casg-astair ùr am Baile na Faire

  • Air fhoillseachadh
Ailig Greumach is na sgoilearanTùs an deilbh, Comhairle na Gàidhealtachd

Chaidh casg-astair ùr 20 m.s.u a chur an sàs ann an sgìre Bhaile na Faire ann an Inbhir Nis.

Bheir an casg buaidh air grunn shràidean is tha e a' gabhail a-steach sgìre Pàirc a' Bhucht agus an t-slighe gu Ionad Spòrs Inbhir Nis.

Thàinig taic-airgid bho Riaghaltas na h-Alba tron bhuidhinn Sustrans.

Bha fear de chomhairlichean na sgìre, Ailig Greumach, an làthair còmhla ri cloinn bho Bun-sgoil a' Mheadhain is Àrd-sgoil Inbhir Nis aig an ionad-spòrs Dimàirt agus an casg ga chur an sàs gu h-oifigeil.

Thuirt an Comh. Greumach gur e ceum air adhart a th' ann.

Sàbhailteachd

"Tha daoine òga airson a bhith a' coiseachad is a' rothaireachd nas trice", thuirt Mgr Greumach.

"Leis a' chasg seo thathar ag amas gum bi e na bu shàbhailte dhaibh sin a dhèanamh, is gum bi na rathaidean na bu shàbhailte san fharsaingeachd.

"Tha seo a' toirt a-steach 21 sràid is 's e tha mi a' creidsinn gur e an sòn 20 m.s.u as motha thuige seo air a' Ghàidhealtachd.

"Tha na comhairlichean ionadail uile a' cur taic mhòir ris", thuirt e.

A bharrachd air a' chasg-astair, tha cnapan-mailleachaidh cuideachd gan cur an sàs air Rathad a' Bhucht gus nach bi càraichean a' dol cho luath faisg air na pàircean spòrs.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh