Poileasaidh croite is cùraim ga stad rè-ùine

  • Air fhoillseachadh
Taighean croite

Sguiridh Comhairle nan Eilean Siar toirt air daoine croitean a tha air mhàl a reic airson cosgaisean cùraim a phàigheadh, fhad 's a tha rannsachadh a' dol mun chùis.

Thòisichear bho chionn grunn bhliadhnaichean toirt air daoine croitean a reic mu choinneamh chosgaisean cùraim.

Dh'innis Comhairle nan Eilean Siar bho thùs gun d'fhuair iad comhairle bho àrd fhear-lagha gu bheil na tha iad air a bhith a' dèanamh ceart.

Tha cuid air a bhith a' ceasnachadh a bheil e laghail ge-tà, is an iomairt aca air Comataidh nan Ath-Chuingean aig Pàrlamaid na h-Alba a ruighinn.

Bha an Comh. Calum MacIlleMhaoil air iarraidh gum biodh coinneamh shònraichte den Chomhairle ann a dheasbad na cùise.

Sgrùdadh

Chaidh leis, agus dh'aontaich a' Chomhairle aig a' choinneimh sin Dimàirt gun tèid rannsachadh farsaing a dhèanamh mun ghnothach.

A thuilleadh air sin, mhol an Comh. Dòmhnall Manford gum bu chòir stad a chur air a' phoileasaidh fhad 's a tha an rannsachadh a' dol air adhart.

Chaidh a' bhòt leis 9-8.

"Cha robh mi riamh ag aontachadh ri seo is cha robh riamh a' smaointinn gun robh e ceart", thuirt an Comh. Manford

"Tha fios 'am gum feum e tighinn air ais 'son a thuigsinn is 'son a dhol domhainn ann.

"Ach obair sam bith a tha ga dèanamh air taighean a thoirt bho dhaoine, feumaidh e stad an-dràsta gus an tig co-dhùnadh ceart a dhèanamh", thuirt e.