Bèibidh Boris is MacLeòid Dhùn Bheagain

  • Air fhoillseachadh
A' Bhean-uasal Flòiridh NicLeòidTùs an deilbh, BNA Photographic / Alamy Stock Photo

'S iomadh urram a chaidh air cinn-feadhna Chloinn 'Ic Leòid Dhùn Bheagain nan là, ach chan eil ach aon dhiubh aig a bheil ceangal ri Boris Johnson agus 10 Sràid Downing.

Tha cèile a' Phrìomhaire, Carrie Symonds, air leigeil fhaicinn gum b'fhìor thoil leatha gum beireadh an leanabh ris a bheil dùil aice aig an taigh.

Chan eil fhios an e 10 Sràid Downing a bhiodh an sin, no 's dòcha dachaigh eile a' Phrìomaire, Chequers, ach mas ann an Àireamh 10 a thig an leanabh dhan t-saoghal bidh ceangal aige/aice ri eachdraidh Leòdaich Dhùn Bheagain.

Oir 's i an leanabh mu dheireadh a rugadh ann an Àireamh 10 a' Bhean-uasal Flòiridh NicLeòid, an 28mh ceann-feadhna Leòdach.

Bha gun teagamh clann aig prìomhairean on uairsin - Leo aig Tònaidh Blair agus Florence aig Dàibhidh Camshron - ach b' ann san ospadal seach aig an taigh a rugadh iad.

Rugadh "Dame Flora," mar a chainnte rithe, ann an Àireamh 10 air an 3mh den Ghearran 1878, a' cur an cèill gu grinn mar a bha cinn-feadhna na Gàidhealtachd air a dhol - fada ron sin - bho bhith nan ceannardan Gàidhealach gu bhith nan uaislean am measg uaislean na Rìoghachd.

Tùs an deilbh, Reuters

An Clàrsair Dall

" ...ann an sonas 's an sìth,

gun uireasbhaidh nì no lòin;

ann an daor chùirt nan Gall,

ged tha thoil fuireach ann ri bheò..."

Chan eil dotair grèisidh ann am poileataigs an là an-diugh, no neach-naidheachd tabloid, cho sgaiteach 's a bha an Clàrsair Dall na là fhèin air sgeul bhiorach ìnnse agus ceann a' mhaide a chumail ri daoine cumhachdach.

Mar bhàrd do MhacLeòid Dhùn Bheagain anns an 17mh linn, bha an Clàrsair Dall a' bruidhinn a-mach an aghaidh leòmachd a' chinn-fheadhna ùir a bha air a dhol an àite Iain Bhric nach bu mhaireann, ann an 1693.

Eu-coltach ri athair, Iain Breac, bha Ruairidh Òg a' caitheamh a chairtealan am measg nan Gall 's nan daoine leòmach an Dùn Èideann - bha an saoghal ag atharrachadh 's na cinn-cinnidh a bha nan cinn teaghlaich o shean a' dol nan uachdarain Ghallda a thaobh an ùidh 's an caitheamh beatha.

Sràid Downing

'S ann an Dùn Èideann a bha Ruairidh Òg, an 19mh ceann-feadhna ga shnìomh fhèin, ach chaidh a ghineal na b'fhaide buileach - a mheasg nan daoine a b' àirde san tìr ann an Lunnainn.

B' e athair "Dame Flora" - Sir Reginald MacLeòid - an 27mh ceann-feadhna ann an Dùn Bheagain, 's ged a bha e fhèin an sàs ann an poileataigs na h-Alba, bha mòran de a choiseachd ann an Lunainn agus phòs e a-steach do fhear de theaghlaichean cliùiteach Shasainn.

Phòs e a' Bhean-uasal Agnes Mary Cecilia Northcote, nighean Sir Stafford Northcote, a chaidh na Sheansalair ann an riaghaltas a' phrìomhaire Disraeli ann an 1874.

Thug am Prìomhaire Àireamh 10 Sràid Downing do Northcote 's a theaghlach mar àite còmhnaidh, 's chaidh e fhèin a dh' fhuireach ann an Àireamh 11, oir bha e an uairsin na bhanntraich.

Agus sin far na rugadh "Dame Flora" - ann an dachaigh a seanair - ann an 1878, mar a dh' innis i fhèin ann an agallamh a rinn i leis a' BhBC ann an 1969 nuair a bha i 91 bliadhna a dh'aois.

"Bha mo sheanair aig an àm na Sheansalair air Roinn an Ionmhais. Bha Disraeli air an taigh a bu mhotha a thoirt do mo sheanair, aig an robh teaghlach mòr, 's bha am Prìomhaire a' fuireach ann an Àireamh 11, ged a bhiodh e a' tighinn a chumail choinneamhan caibineit ann an Àireamh 10."

An siud 's an seo

Ged a bha iad nan uaislean mòra Breatannach, bha ceangal nan ceann-cinnidh Leòdach gu mòr cuideachd leis a' Ghàidhealtachd agus le Dùn Bheagan.

Chaochail Sir Reginald ann an Caisteal Dhùn Bheagain ann an 1935, anns an dearbh leabaidh anns na rugadh e ann an 1847.

Tùs an deilbh, John Allan / Geograph

Ghabh Flòiridh thairis mar cheann-feadhna an dèidh bàs a h-athair, agus thug i iomadh bliadhna a' fuireach ann an Caisteal Dhùn Bheagain, ged a ghluais i còmhla ri teaghlach ann an Siorrachd Obar Dheathain na seann aois.

Chaochail i ann an 1976, ann an Siorrachd Obar Dheathain aig aois 98.

Ma thèid leanaibh Boris Johnson a bhreith ann an Sràid Downing, caillidh Flòiridh tiotal "an neach mu dheireadh a rugadh ann an Àireamh 10".

Tha cuid de rudan nach eil ag atharrachadh ge-tà.

Anns an agallamh air a' BhBC ann an 1969, chur i an cèill nach eil càil ùr fon ghrèin ann am poileataigs.

"Tha na pàrtaidhean poileataigeach uile a' fulang gu mòr bho na h-iomaill aca - na Toraidhean bhon iomall a deas aca, 's na Làbaraich bhon iomall a clì, ach saoilidh mise gu bheil sinn uile tòrr nas fhaisg air a' chèile 's nas aonaichte na chreideadh tu a' leughadh tòrr de na pàipearan naidheachd."

"Chaidh a' chuibhle mun cuairt" thuirt an Clàrsair Dall.

Chaidh, ach uaireannan, stadaidh a' chuibhle air ais far an do thòisich i.