Cìs na Comhairle ag àrdachadh an sgìre na Gàidhealtachd

  • Air fhoillseachadh
Cis comhairle

Dh'aontaich comhairlichean Comhairle na Gàidhealtachd Cìs na Comhairle àrdachadh 4.84%.

Thèid cuid den airgead a bharrachd a chleachdadh airson an leasachadh "as motha a-riamh" air pròiseactan rathaid an ùghdarrais ionadail.

Thèid £20millean a chuir a dh'ionnsaigh sgeamaichean calpa agus £1.3millean a bharrachd airson obair càraidh mar phàirt de bhuidseat na comhairle 2020-21.

Tha e a' ciallachadh gum bi aig daoine ann am bann D ri £61.50 a bharrachd a phàigheadh sa bhliadhna, anns a' chumantas.

Stòras

Tha a' chomhairle ag ràdh gu bheil iad air a bhith a' toirt airgid bhon stòras aca gu cunbhalach thar nam bliadhnaichean mu dheireadh 's gu bheil an t-àm ann airgead a chur air ais ann.

Bidh sàbhalaidhean eile air an cur air adhart cuideachd, is a' chomhairle ag ràdh gum feum iad an obair aca a dhèanamh ann an dòigh nas èifeachdaiche.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh