Àrdachadh an cosgaisean cùraim nan Eilean Siar

  • Air fhoillseachadh
Cùram

Thèid na tha e a' cosg airson a bhith a' fuireach ann an dachaigh cùraim anns na h-Eileanan an Iar suas 5%.

Chaidh seo aontachadh aig coinneimh de Chomhairle nan Eilean Siar oidhche Chiadain.

Bha moladh ann an toiseach na cosgaisean a chur suas 16%.

Bha sin air thighinn bhon bhuidhinn Cùram is Slàinte nan Eilean Siar, is bha Comataidh Poileasaidh is Stòrais na Comhairle air gabhail ris.

Chaidh a dhiùltadh ge-tà, le buill na làn chomhairle Diciadain.

'S e àrdachadh 5% gach bliadhna 'son trì bliadhna a chaidh aontachadh air a' cheann thall.

Dùbhlan

Dh'aidich an Comh. Kenny John MacLeòid, a tha na iar-chathraiche air Cùram is Slàinte nan Eilean Siar, gu bheil dùbhlan gu bhith ann toll airgid a lìonadh.

"Tha beàrn fhathast sa bhuidseat a tha a' dol air adhart gu Cùram is Slàinte nan Eilean Siar, is tha a' bheàrn sin gu math faisg air £1m aig an ìre seo.

"Le a bhith a' moladh na cìsean a dhol an àirde beagan nas àrda, bha sin ga ìsleachadh beagan, ach tha suim gu math àrd fhathast ri lorg airson 's gum biodh am buidseat ceart againn", thuirt e.

Dh'innis Mgr MacLeòid gu bheil suidheachadh an ionmhais a' fàgail gur dòcha gun tig àm is gum bi feum air coimhead às ùr air na seirbheisean a th' ann.

"Tha a' chùis gu math cugallach is tha fios aig na comhairlichean is aig a' mhòr-shluagh air sin. Tha e nas duilghe is nas duilghe.

"Tha cosgaisean nan seirbheisean a' dol an àirde gach bliadhna is an t-airgead a thathar a' faighinn bhon Riaghaltas tron chomhairle is tron bhòrd-slàinte, chan eil sin cho àrd 's a dh'fheumadh e a bhith airson cumail an àirde nan seirbheisean a tha sinn air a bhith a' cleachdadh feadh nam bliadhaichean.

"Feumar coimhead air dòighean eadar-dhealaichte. 'S mathaid gum feum seirbheisean a ghearradh air ais", thuirt e.