Cobhair air dithis aig bonn An Teallaich

  • Air fhoillseachadh
An TeallachTùs an deilbh, Hill Walker/Geograph

Rinn Sgioba Teasairginn Dhùn Dòmhnaill cobhair air dithis a bh' air a dhol air chall agus iad a' coiseachd aig bonn An Teallaich air Taobh Siar Rois.

Bha an dithis air a dhol air a chall is iad a' coiseachd eadar Coire Shaillidh agus Bothan an t-Seann Bhaile.

Chaidh fios a chur air an sgioba mu 9.30 oidhche Chiadain.

Chaidh ochd deug de bhuill an sgioba an lùib na h-iomairt.

Fhuair iad an dithis faisg air a' cheum-choiseachd is thugadh air ais iad a Dhùn Dòmhnaill is iad slàn sàbhailte.

Thàinig an iomairt gu ceann aig uair sa mhadainn.