Cead ga mholadh 'son sgoil ùir an Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
Sgoil ùrTùs an deilbh, Comhairle na Gàidhealtachd

Thèid iarraidh air comhairlichean Gàidhealach an ath-sheachdain taic a chur ri plana airson sgoil ùir ann an Inbhir Nis.

'S ann an sgìre Chaisteal Nis air ceann a deas a' bhaile a bhiodh an sgoil.

Tha mar a tha Inbhir Nis air a bhith a' fàs anns na bliadhnaichean mu dheireadh air uallach a chur air sgoiltean sa bhaile is cuid dhiubh làn.

Fo na planaichean, dheadh an sgoil ùir seo a thogail ann an dà ìre.

Bhiodh 12 seòmar-teagaisg airson còrr 's 333 sgoilear agus trì seòmraichean cluich do chloinn aig aois ro-sgoile mar phàirt dhen chiad ìre.

Dheadh meud na sgoile an ìre mhath a dhùblachadh às dèidh an dàrna earainn dhen obair.

Bhiodh na leasachaidhean taigheadais ùra ann an Taobh Nis agus Caisteal Nis mar phàirt dhen sgìre sgoile.

Chaidh moladh do chomhairlichean air Comataidh dealbhachaidh a Chinn a Deas aig Comhairle na Gàidhealtachd gabhail ri na planaichean aig coinneimh Dimàirt seo tighinn.