Binn prìosain do dhràibhear a chaidh fada ro luath

  • Air fhoillseachadh
Kyle Robastan
Fo-thiotal an deilbh,
Bhàsich Kyle Robastan, 20, an dèidh na tubaiste faisg air Gairbh

Chuireadh dràibhear a bha a' dol aig astar ro mhòr agus a dh'adhbraich bàs fear eile ann an tubaist air a' Ghàidhealtachd dhan phrìosan airson trì bliadhna aig an Àrd-Chùirt ann an Obair Dheathain.

Bha Mikey Durdle, 23, às a' Mhanachainn, a' dràibheadh "eadar 84 agus 76 msu" sna beagan diogan mus do bhuail an càr aige ann an càr a bha Kyle Robastan a' dràibheadh.

Bhàsaich Mgr Robastan, 20, agus às Inbhir Nis, an dèidh na tubaiste air an A835 faisg air Gairbh air an 25mh den Ghearran 2018.

Chaidh casg-dràibhidh a mhaireas seachd bliadhna agus sia mìosan a chur air Durdle cuideachd.

Bha Durdle air aideachadh roimhe aig an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann gun do dh'adhbhraich e bàs le bhith a' dràibheadh gu cunnartach agus le bhith a' dol fada ro luath.

San Fhaoileach am-bliadhna, chuala a' chùirt gun robh Durdle agus Mgr Robastan ann am buidheann de dhràibhearan a bh' air aontachadh coinneachadh air là na tubaiste.

Chuir iad romhpa gun cruinnicheadh iad ann an àite-seallaidh eadar Achadh na Sìne agus Ceann Loch Iù.

Bha Durdle a' feuchainn ri faighinn seachad air dà charbad, fear dhiubh san robh Mgr Robastan air cùl na cuibhle, nuair a thachair an tubaist mharbhtach.

Fhuair clàraidhean bho uidheam eileactronagach ann an càr Durdle gun robh e a' siubhal eadar 84 agus 76 msu goirid mus do thachair an tubaist, chuala a' chùirt.

'Call cràidhteach'

A' toirt seachad binn san Àrd-Chùirt ann an Obair Dheathan Diardaoin, thuirt am britheamh am Morair Arthurson nach cuidicheadh binn sam bith teaghlach Mgr Robastan agus iad a' dèiligeadh ri call cho doirbh agus cho doilgheasach.

Thuirt am britheamh: "Ach bidh thusa sa phrìosan, gheibh thu às, tòisichidh thu ag obair às ùr agus leanaidh do bheatha.

"Dh'fhaoidte gum pòs thu agus gum bi clann agus oghaichean agad. Cha dèan Mgr Robastan gin de na rudan sin air sgàth na h-eucoir a rinn thu.

"Dh'fhuiling a phàrantan agus an teaghlach aige pian cho mòr nach gabh slànachadh le teisteanas an luchd-lagha agad às do leth, às bi cho dùrachdach agus a tha na facail."

Thuirt an Sairdeant Chris Mhoireach, àrd-oifigear sgrùdaidh Phoileas Alba, gun robh an tubaist "na chùis dhoirbh a dh'adhbhraich bàs fireannaich òig."

Thuirt e: "Thug na thachair buaidh mhòr air càirdean agus caraidean Kyle Robastain.

"Tha a' cur nar cuimhne cho cunnartach agus a dh'fhaodadh e a bhith a bhith a' dràibheadh gu cunnartach agus aig astar tuilleadh as luath.

"Ghabhadh an tubaist seo a bhith air a seachnadh. Bheir i buaidh mhaireannach air a h-uile duine a bha an sàs innte agus gu h-araidh daoine a bha eòlach air Kyle."

Thug an t-oifigear taing do dhaoine a chuidich iad san "rannsachadh farsaing" a rinn iad air na thachair.