Ceannard comhairle fo chasaid gun do bhris e riaghailtean modh

  • Air fhoillseachadh
Roddie MacAoidhTùs an deilbh, Comhairle nan Eilean Siar
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh Roddie MacAoidh a thaghadh mar cheannard Comhairle nan Eilean Siar ann an 2017.

Thathar a' fàgail air ceannard Chomhairle nan Eilean Siar nach do dh'innis e gu robh gnothach aige ri companaidh neach a tha càirdeach dha.

Bidh èisteachd air a cumail mu na casaidean gun do bhris Roddie MacAoidh còd-giùlain nan comhairlichean.

Thathar a' cur às leth a' Chomhairliche MhicAoidh nach do dh' innis e gu robh ceangal aige ri companaidh a tha fo shealbh aon de na càirdean aige.

Thathar a' cumail a-mach gun do dh'fhailich air innse gu robh gnothach aige ri gnìomhachas a bhràthar-chèile aig coinneamhan san Dàmhair 2017 agus san Dàmhair 2018.

Tha Coimisean nan Inbhean a' dol a chumail èisteachd ann an Steòrnabhagh air 18mh den Mhàrt.

Thuirt a' chomhairle nach bi Mgr MacAoidh, a chaidh a thaghadh mar cheannard sa Chèitean 2017, a' toirt seachad beachd mus bi an èisteachd ann.