CnES a' gearain nach eil CalMac ag èisteachd riutha

  • Air fhoillseachadh
MV Hebrides
Fo-thiotal an deilbh,
Bha CnES a' moladh bàt-aiseig coltach ris an MV Hebrides a thogail a bhiodh, tha iad ag ràdh, na bu fhreagarraiche airson puirt a' chost an iar

Tha CnES a' fàgail air Riaghaltas na h-Alba nach tug iad feart air na dh'iarr iad airson sùbailteachd a thoirt do sheirbheisean aiseig a' chost an iar.

Am measg nan iarrtasan a bh'aca 's e gun deadh bàt-aiseig coltach ris an MV Hebrides a thogail, soitheach a tha CnES ag ràdh a bhiodh comasach air cur a-steach air tòrr de phuirt.

Thuirt Cathraiche Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan, gu bheil e follaiseach nach eil an Riaghaltas deònach tòiseachadh às ùr air an dà bhàta a tha gan togail aig Gàrradh MhicFhearghais a tha gu mòr air dheireadh agus nas daoire na bha dùil.

Nochd Mgr Robasdan a bheachdan às dèidh coinneimh leis an riaghaltas an t-seachdain seo; chaidh innse dha gun toireadh e co-dhiù ceithir bliadhna eile tòiseachadh às ùr air an obair togail.

Tùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,
'S e an Glen Sannox tè de na soitheachan a tha gan togail air Abhainn Chluaidh

Ceann-là

Bha a' chomhairle airson faighinn a-mach cuin a thòisicheadh an obair làn-ùine a-rithist air na soithichean air Abhainn Chluaidh agus, mar sin, cuin a dh'fhaodadh iad a bhith ann an seirbheis.

Tha Mgr Robasdan ag ràdh nach d' fhuair iad freagairt chinnteach, ach gur e aon ghealltanas a fhuair iad gum bi a' chiad tè deiseil aig deireadh na h-ath-bhliadhna agus an tè a bhios a' frithealadh an Eilein Sgitheanaich, Uibhist a Tuath agus na Hearadh deiseil a' bhliadhna às dèidh sin.

Tha Mgr Robasdan mar-thà air fianais a thoirt seachad do bhuill-phàrlamaid a tha a' sgrùdadh dè bu choireach ris an dàil mhòr air togail nan aiseagan agus dè dh'fhàg gu bheil cosgaisean na h-obrach-togail air cha mhòr dùblachadh.

Thuirt e gun tuirt an riaghaltas nach robh iad airson an còrr a ràdh gus am bi an sgrùdadh sin seachad.

Sgrùdadh

Thuirt Mgr Robasdan gum bi aig a' mhinistear ri nochdadh air beulaibh na comataidh fhathast agus gur dòcha gum bi barrachd soillearachaidh ann às dèidh na h-obrach sin a bhith deiseil.

Ach tha Mgr Robasdan ag ràdh gu bheil cuid teagmhach mun phròiseas.

"Tha feadhainn eile ag ràdh nach eil an còmhradh a tha a' dol air adhart leis a' chomataidh sin làidir gu leòr agus gu robh còir a dhol a-staigh ann an seo ann am barrachd doimhneachd.

"Ach aig an àm seo tha na h-argamaidean a' dol air adhart agus tha sinn air fhaicinn na duilgheadasan a th' aig eileanan gu h-àraid Barraigh air a' gheamhradh a chaidh seachad agus mar a tha cùisean a' coimhead tha sinn a' dol a dh'fhulang sin airson bliadhna neo dhà fhathast."

Pentalina

Dh' Comhairle nan Eilean Siar gum beachdaicheadh an riaghaltas air a' Phentalina, catamaran a bha a' dol thar a' Chaoil Arcaich, a thoirt a-steach fiù's airson a bhith a' giùlan bathair, agus airson agus gum faighear air aiseagan a ghluasad timcheall beagan nas fhasa.

Ach chuala iad gu robh companaidh aiseig ann an Arcaibh ag ràdh gum biodh iad ga h-iarraidh air ais ann an cabhag nan robh feum aca oirre nam bristeadh an soitheach a th'aca an-dràsta sìos

"Rud sam bith, ged nach biodh ann airson beagan sheachdainnean fhèin, tha e a' dol a thoirt faochaidh air choireigin agus 's dòcha cothrom a thoirt dhaibh barrachd obrach a dhèanamh air aiseagan ann an dry dock cuideachd," thuirt Ùisdean Robasdan.

Chaidh innse don chomhairle gu bheil an riaghaltas a' siubhal an t-saoghail fhathast a choimhead airson aiseagan eadar-amail a bhiodh freagarrach, agus gun do choimhead air còrr agus 100 - ach nach d' fhuair iad tè a bhiodh freagarrach aig an ìre seo.