"Ultras" a' Ghearasdain air an casg

  • Air fhoillseachadh
Pàirc a' Chlaiginn sa GhearasdanTùs an deilbh, IMG/BBC
Fo-thiotal an deilbh,
Pàirc a' Chlaiginn

Chaidh iarraidh air cuid de luchd-leantainn sgioba ball-coise a' Ghearasdain fuireach air falbh bho gheamannan mur a bi pàrant còmhla riutha.

Chuir cathraiche a' chluba a-mach fios tro na meadhanan sòisealta às dèidh "dol a-mach mì-rianail" bho chionn ghòirid, bho chuid den luchd-taic òg.

Thuirt Peadar MacMhurchaidh san sanas: "Às dèidh dol a-mach mì-rianail bho luchd-taic "Na h-Ultras" thairis air grunn gheamannan air an t-seusan seo, tha sinn air tighinn gu co-dhùnadh casg a chur air a' bhuidhinn seo bho bhith a' tighinn gu geamannan aig Pàirc a' Chlaiginn."

"Gheibh iad a-staigh ma bhios pàrant còmhla riutha."

Bonn na Lìg

Tha an sgioba aig bonn Lìg na Gaidhealtachd an-dràsta.

Ach, tha iad air trì geamannan a bhuannachadh air an t-seusan seo, rud nach do rinn iad thar an dà sheusain a dh'fhalbh.

Agus tha sgioba Inbhir Losaidh a tha dìreach os an cionn air ochd geamannan a bharrachd a chluich is iad ach trì puingean air thoiseach orra.

Rinn am BBC prògram aithriseach mun sgioba an-uiridh mu cho dona sa bha a' dol dhaibh - 'An Gearasdan, sgeulachd mun sgioba as miosa am Breatann'.