Dealbhan dashcam gan lorg an dèidh tubaist rathaid mharbhtach

  • Air fhoillseachadh
A836 faisg air Baile DhubhthaichTùs an deilbh, Google
Fo-thiotal an deilbh,
Thachair an tubaist air an A836 faisg air Baile Dhubhthaich

Tha fireannach air a bheatha a chall ann an tubaist le motar-baidhseagal air a' Ghàidhealtachd.

Bha Lionel Beresford, 62, a' dràibheadh motar-baidhsagal orainds nuair a chaidh e far an rathaid air an A836 faisg air Baile Dhubhthaich mu 15:05f Dihaoine.

Tha na poilis airson bruidhinn ri daoine a chunnaic Mgr Beresford a' siubhal à Àird Ghaoithe, far an robh e a' fuireach, a' dèanamh air Eadardan.

Tha iad cuideachd ag iarraidh air daoine aig a bheil dealbhan dascham den mhotar-bhaidhseagal fios a chur thuca.