Co-labhairt Bhlàthachadh na Cruinne san Aghaidh Mhòir

  • Air fhoillseachadh
Am Monadh Ruadh

Tha Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh a' coimhead air dòighean strì an aghaidh èiginn na gnàth-shìde.

Tha a' bhuidheann a' cumail co-labhairt san Aghaidh Mhòir Diluain feuch dè as urrainn dhaibh dèanamh aig ìre ionadail.

Tha iad ag ràdh gur e Blàthachadh na Cruinne an cunnart as motha a th' ann san t-saoghal.

Bidh Rùnaire a' Chabineit airson Atharrachadh na Gnath-Shìde, Roseanna Choinneagan BPA, am measg na bhios an làthair.

Air a' chlàr-ama, am measg eile, bidh ath-nadarachaidh agus dòighean siubhail nas uaine.

Thuirt Àrd-stiùiriche Ùghdarras Pàirce Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh, Grant Moir, gur e sgìre mhòr a th' aca, agus gu bheil cothrom aca eisimpleir a shealltainn do bhuidhnean agus do sgìrean eile.