Lorgadh corp sreapadair air an Aonach Mhòr

  • Air fhoillseachadh
Anndra Vine

Tha luchd-teasairginn nam beann ag aithris gun d' fhuair iad corp sreapadair air nach robh sgeul an dèidh maoim-sneachda bualadh ann.

Chaidh Anndra Vine, 41, à sgìre Mhanchester, fhaicinn mu dheireadh air aghaidh an iar den Aonach Mhòr, faisg air a' Ghearasdan, air an 28mh den Ghearran.

Cha deach an tè a bha a' sreap còmhla ris a ghoirteachadh agus chaidh aice air coiseachd gu ionad spòrs Beinn Nibheis airson fios a chur air na seirbheisean èiginn.

Thuirt Sgioba Theasairginn Bheanntann Loch Abair gun deach corp Mgr Vine a lorg feasgar na Sàbaid.

Thug iad taing dhan a h-uile buidheann eile a bha an sàs san iomairt, sgiobannan teasairginn eile agus criùbhichean healeacoptair nam maor-cladaich.