Pontùnaichean an Òbain na bhuannachd dhan eaconamaidh

  • Air fhoillseachadh
An t-Òban

Tha na pontùnaichean agus togalach ùr aig Cidhe a Tuath san Òban air buannachd nas motha a thoirt dhan bhaile na bhathar an dùil a rèir aithisg ùir.

Chosg na goireasan ùra mu £2.4m, 's iad a-nisd air cridhe gìomhachas na mara sa bhaile.

Chaidh ath-sgrùdadh neo-eisimeileach a dhèanamh air na leasachaidhean agus tha na figearan sin ag ràdh gu bheil na goireasan air buannachd a thoirt do dh'eaconamaidh na sgìre.

A rèir an sgrùdaidh, tha an t-suim-airgid a tha luchd-tadhail a' cosg air a dhol suas faisg air 8%, sin bho £850,000 gu £917,000.

Cumaidh Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a' dol a' ruith nan goireasan 'son a' chòrr den bhliadhna seo.

Nì iad an uair sin coimeas eadar an t-Òban agus goireasan eile ann an Ceann Loch Chille Chiarain agus Baile Bhòid mus dèan iad co-dhùnadh air an tèid na goireasan anns an Òban a chur a-mach gu tairgse gus nach eil.