Colonaidh ùr de mhadaidhean-uisge ga lorg

  • Air fhoillseachadh
Madaidhean-uisgeTùs an deilbh, Coilltearachd is Fearann Alba

Chaidh colonaidh ùr de mhadaidhean-uisge a lorg an ceann a tuath na Gàidhealtachd.

Lorgadh iad ann an suirbhidh a rinneadh air thoiseach air obair airson pìob uisge ùrachadh.

'S ann air a' Ghàidhealtachd a tha na colonaidhean mu dheireadh de na feusgain seo, a bha roimhe air an togail airson neamhnaidean fhaighinn àsta.

Faodaidh iad a bhith beò suas ri 130 bliadhna ann an aibhnichean luath, ach tha iad ann an cunnart a dhol à bith.

Chan eileas a' foillseachadh càite an deach a' cholonaidh ùr seo a lorg, gus a dìon.

Mar phàirt den obair a thathas a' dèanamh thèid mu 8,000 craobh dhuilleagach a chur ri taobh mu cheithir mìle de dh'abhainn, agus bheirear sia bacaidhean a tha ro ghluasad èisg a-mach à craobh-uillt na h-aibhne.

Tha gluasad èisg mar bhradain, bric agus bànagan deatamach do na madaidhean-uisge, 's sìolagan nam feusgan gan giùlain gu làraichean ùra air an iasg.

Nuair a leigeas iad fhèin far an èisg, feumaidh iad tuiteam ann an grunnd glan gainnmhich no morghain ma tha cothrom gu bhith aca fàs.

'S e poidseadh, call àrainneachd agus truailleadh nam prìomh adhbharan gu bheil na h-àireamhan aca air crìonadh cho mòr.