Coròna-Bhìoras a' toirt buaidh air sgioba teasargainn

glencoe; mountain rescue Image copyright SAIS Glencoe
Image caption Bheir a bhìoras buaidh air sgioba beinne

Cha bhi ach glè bheag de dhaoine bho Sgioba Teasairginn nam Beann ann an Gleann Comhann rim faotainn airson cobhair a dhèanamh air duine nam biodh sin a dhìth, a-rèir cheannard an sgioba.

Thuirt Andy Nelson gum biodh an Coròna-Bhìoras gam fàgail gann.

Tha e ag ràdh nach biodh e idir deònach buill den sgioba a chur ann an cunnart.

Tha an cairteal cuid den sgioba 60 bliadhna de dh'aois no nas sine.

Cha tèid iadsan a ghairm tuilleadh fhad 's a tha an suidheachadh seo a' leantainn.

Cha tèid neo buill den sgioba aig a bheil clann, no cuideigin san teaghlach air a bheil trioblaidean slàinte.

Thuirt e gu bheil seo a' leantainn na comhairle mheidigich a th' ann, agus a' chomhairle bhon chomann aca fhèin.

Thuirt Mgr Nelson cuideachd gu bheil e an-dòchas, le mar a dh'iarr air an Riaghaltas air daoine fuireach a-staigh ma 's urrainn dhaibh idir, nach bi na h-uidhear de dhaoine a' sreap nam beann co-dhiù.