Cumhachdan èiginneach a-nis aig na Poilis

Poilis air sràid fhalamh Image copyright Getty Images

Tha cumhachdan ùra aig na Poilis gus dèiligeadh ri daoine nach eil a' leantainn nan riaghailtean a th' ann a thaobh a bhith a' cumail astair bho chèile.

Tha seo a' tighinn às dèidh do reachdas èiginneach cead fhaighinn aig Westminster.

Fo na riaghailtean a th' ann, thathas ag iarraidh air daoine fuireach aig an taigh, ach a-mhàin 'son obair a tha air a meas riatanach, eacarsaich aon turas san là, rudan cudromach fhaighinn bhon bhùth, air adbharaan meidigeach, no 'son cuideigin a tha so-leònta a chuideachadh.

A-nise tha cumhachdan ùra gan toirt dha na Poilis airson toirt air daoine na riaghailtean a leantainn.

Faodaidh iad daoine nach eil gan leantainn a chur dhachaigh, càin a chur orra, no ann an cuid de shuidheachidhean a bhith fiù 's gan toirt gu lagh.

Tha cumhachd aca cuideachd gnìomhachasan a dhùnadh ma dh'fheumas iad.

Tha a-niste 894 cùis dhearbhte an Alba, 's tha 25 duine air bàsachadh.

Sin suas 175 cùis agus trì bàis bho Dhiciadain.