Dùil ri taic do dh’uachdarain turasachd

Àite-fuirich

Thuirt Rùnaire Ionmhais na h-Alba, Ceit Fhoirbeis, gum biodh taic ann anns an aithghearrachd, do dhaoine a tha le àiteachan-fuirich airson cur a-mach air mhàl do luchd-turais.

Bha i a' freagairt iarrtasan dhaoine air Twitter, agus i ag ràdh nach deach daoine anns an t-suidheachadh sin a dhìochuimhneachadh idir.

Cha robh taighean airson màl turasachd a' tighinn fo bhuaidh phasgain taice a bh' air aontachadh ron seo airson ghnìomhachasan òstaireachd agus cur-seachad, agus bha an leithid Comhairle nan Eilean Siar air iarraidh taic a bharrachd dhan roinn ud den eaconomaidh dùthchail.