Fosglaidh ionad-deuchainn eile 'son a' choròna-bhìorais an Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
Campus Inbhir Nis, UHITùs an deilbh, Geograph
Fo-thiotal an deilbh,
'S ann aig Campus Inbhir Nis de UHI a bhios na deuchainnean gan dhèanamh.

Fosglaidh an dàrna ionad-deuchainn 'son a' choròna-bhìorais an Inbhir Nis air 26 Giblean agus anns a' chiad àite 's ann airson luchd-obrach an NHS agus luchd-obrach deatamach eile a bhitheas e.

Bheir seo cuideachadh ann a bhith a' leigeil le luchd-obrach a bha amharasach gun robh iad a' fulang le Covid-19, ach nach eil, tilleadh a dh'obair.

Feumar àm shònraichte a chur air dòigh ro làimhe airson na deuchainne a bhitheas a' gabhail àite aig campus Inbhir Nis de dh' Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, UHI.

Iomairt

Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air 35 ionadan-deuchainn fhosgladh ann am mòran bhailtean air feadh na dùthcha agus tha'd ag obair ann an co-bhann le oilthighean agus ionadan rannsachaidh airson na mìltean a bharrachd deuchainnean PCR a dhèanamh.

Bidh an deuchainn a' sealltainn a bheil am bhìoras ort, agus mur a h-eil, faodaidh tu tilleadh a dh'obair.

Bheir e latha no dhà mus bi buil na deuchainne ri fhaighinn.

Thuirt Co-òrdanaiche Nàiseanta airson Deuchainnean a' Choròna-bhìorais, an t-Oll John Newton, gu bheil an t-ionad-deuchainn ùr seo mar phàirt den iomairt aca barrachd dheuchainnean a thoirt seachad do luchd-obrach an NHS agus daoine eile a tha a' dèanamh obair deatamaich leithid na poileas.

"Tha seo na eisimpleir math air mar a tha gnìomhchasan a' cleachdadh nan goireasan aca airson deuchainnean a dhèanamh agus a' cuideachadh ann a bhith a' coileanadh an amais againn airson 100,000 deuchainn a dhèanamh gach latha air feadh na RA ro dheireadh na mìos," thuirt e.

Tha ionad-deuchainn eile aig Ospadal an Rathaig Mhòir a tha air a bhith fosgailte airson mìos.