Croitearan iomgaineach mu ionmhas

Air fhoillseachadh
caoraich

Tha croitearan iomgaineach mu ionmhas fhad's a mhaireas staing a' choròna-bhìorais a-rèir sgrùdaidh a chaidh a dhèanamh le Caidreachas Croitearachd na h-Alba.

Tha iad cuideachd draghal mu bhith faighinn na a dhìth orra 'son biadhadh stuic, agus dè seòrsa seirbheis a gheibh iad bho lithichean sprèidh.

Bha an treas cuid a fhreagair an suirbhidh a' faicinn an t-airgid ris an robh dùil aig an àm 'sa dhen bhliadhna air crìonnadh.

Cearcan

Tha mòran chroitearan a' reic biadh gu h-ionnadal agus cuideachd a' toirt seachad seirbheisean leabaidh is breacaist, ach le lockdown, chan eil taighean-osta is taighean-bidhe a' ceannach, agus chan eil luchd-turais a' tighinn dhan sgìre a bharrachd.

Thuirt aon neach aig a bheil 250 cearc gun bheil e a' toirt seachad na h-uighean aige an asgaidh, leis nach eil a' mhargaidh ann son an ceannach.

Tha faireachdain ann gu bheil suidheachadh nan croitearan air a dhichuimhneachadh nuair a tha an riaghaltas a' toirt seachad taic airgid.

Mar eiseamplair thuirt aon neach gu bheil iad a' call tòrr airgid leis nach eil daoine a' tighinn dhan àite-fuirich aca, ach leis nach e sin am prìomh chosnadh aca, chan eil iad a' faighinn sgilling.

Tuigsinn

"Bu chòir dhan an riaghaltas tuigsinn gu bheil croitearan ri deifear iomairtean son cosnadh a dhèanamh agus gu bheil sin a-rèir ràithean na bliadhna - feumaidh sinn airgid gu leòr a dhèanamh as t-samhradh a mhaireas tron gheamhradh", thuirt iad.

Tha trioblaidean aca a thaobh luchd-obrach cuideachd leis nach eil oileanaich, luchd-obrach air cùmhnant, no luchd-obrach saor-thoilleach ri fhaighinn.

Thuirt aon chroitear nach eil e comasach obair riatanach a dhèanamh leithid feansadh leis gu eil companaidhean a b'abhaist a bhith dèanamh seo a' leantainn riaghailtean a thaobh a bhith fuireach aig an taigh, a dh'aindeon's gu bheil obair fearrain na phàirt chudromach ann a bhith cumail an dùthaich a' dol.

Dh'iarr iad cuideachd gum biodh an teachdaireachd bhon riaghaltas nas soileire a thaobh obair-croite.

Dh'fhaodadh, tha iad ag ràdh, barrachd dhaoine a bhith ag obair air chroit, ach tha'd a' faireachdain nach bu chòir dhaibh sin a dhèanamh.

Thuirt Cathraiche Caidreachas Croitearachd na h-Alba, Yvonne White, gu bheil an suirbhidh fhathast a' dol agus gum biodh e math cluinntinn bho chroitearan eile 'son 's gun urrain dhaibh am fiosrachadh is mionaidiche a thoirt don riaghaltas air mar a tha croitearan a' fulang, feuch an tèid aca air taic-ionmhas fhaighinn.